Founded 1891
 Click here for Scottish Internet Radio and listen while you browse

[Home] [Edinburgh Society] [News] [Magazine] [Shop] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum[Back] [Up] [Next]

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

Clan Donald Magazine No 10 (1984) Online

Fear A Bha Thall Agus A Chunnaic le Niall MacDhomhnaill.

An a bhi beachdachadh air eachdraidh a chogaidh mu dheireadh (cogadh Hitler) saoilidh mi nach robh cuid de'n bhruidealachd a ghabh �ite m�ran na bu mhiosa na fulangasan an t-sluaigh san Rioghachd sco fh�in goirid an deaghaidh bl�r Ch�il-lodair.

Mar tha fios aig a h-uile balach sgoile thainig am Prionnsa Tearlach a dh'aon ghnothaich dhan Rioghachd seo 'sa bbliadhna 1745 a shireadh Crun Bhreatainn, cha b'ann dha fh�in idir ach dha Athair Righ Seumas VIII.

Ann a bhi bruidheann air cogadh Hitler agus na se�mraichean GAS a chaidh chur suas san Ghearmailt airson cur as dhan na h-Iudhaich; an robh an d�igh ud na bu mhiosa nan d�igh a ghabh luchd-riaghlaidh na Rioghachd sco fh�in airson daoine chur gu b�s? Eisdibh ris a seo �

Of the forty-nine prisoners brought to trial at St Margaret's Court, seventeen were executed at Kennington Common. The fashion of their dying was soberly described for them by the Justice before they left the court. His words were; � Let the several prisoners return to the prison from whence they came, there they must be severally hanged by the neck, but not till they be dead, for they must be cut down alive, then their bowels must be taken out and burnt before their faces, then their heads must be severed from their bodies severally divided into four quarters and must be at the King's disposal.

Mu'n tig mi gu cuspair a phaipear seo Raonull MacDh�mhnaill a Baile Fhionnlaigh an Arasaig, bu mhath leam iomradh a dheanamh air an Urramach Raibeart Forbes, Easbuig R�is agus Ghallaibh.

Bha an t-Urramach Raibeart Forbes na Mhinistear an L�te aig an am a th�inig am Prionnsa Te�rlach a nall a dh'AIba. Bha amharus aig luchd riaghlaidh na Rioghachd sco gu robh taobh aige ris na S�umasaich, agus leis a sin chaidh e fh�in agus dithis no triuir cile chur sa phriosan; an toiseach an Sruighlea 'san deaghaidh sin an Dun Eideann, ach leigeadh an t-Urramach Raibeart ma sgaoil an ceann c�ig miosan.

'Nuair a shiolaidh obair ana-cneasta riaghlaidh Hanobhar 'nar duthaich, ghabh  as laimh gr�im, fhaighainn air na b'urrainn dha air a chuid a ghabh p�irt an arm a Phrionnsa, no an fheadhainn aig an robh an sg�ul fh�in ri innseadh. Thug sco iomadh bliadhna. Bhruidhinn e ri m�ran, sgriobh e gu m�ran eile, agus tha gach facal a thubhairt iad, 's gach ceist a fhreagair iad ri 'm faicinn anns an leabhar ainmeil sin a chuir e mach; "The Lyon in Mourning."

Am measg an fheadhainn ris an do thachair an t-Urramach Foirbeas bha Raonull MacDh�mhnaill a dh'ainmich mi cheana. Bha Raonull 'na Chaiptean an reisimeid Chlann R�ghnaill aig Cuil-lodair far an d'fhuair e droch le�n.

Tha an t-Urramach Foirbeas ag innseadh dhuinn gun do thadhail Caiptean Domnall MacDh�mhnaill air an 9mh l�tha de January 1748 an L�te; fear nach do thachair riamh ris gus a seo, ach chual e m�ran mu thimcheall. 'S e D�mhnull Ruadh a Bhaileshair a theirear ris 'sa choimhearsnachd.

Th�inig mi 'n seo arsa D�mhnull Ruadh air iarrtas Alasdair MacDh�mhnaill a Cinnse-borgh 'san Eilean Sgiathanach.

B'urrainn do Alasdair MacDh�mhnaill m�ran innseadh do'n Urramach Foirbeas, ged nach cluinneadh e bhuaithe ach gun do chuir am Prionnsa agus Fionnaghal NicDh�mhnaill seachad an oidhche na Thaigh.

Air mo r�thad a Dhun Eideann arsa D�mhnull Ruadh thadhail mi air Caiptean Raonull an Arasaig agus fhad' a bha mi na chuideachd na thaigh fh�in sgriobh e an litir seo a tha mi nise toirt dhuibh.

Anns an litir tha e ag radh gun deachaidh m�ran Ghaidheal a bha na laighe le�nta air an raoin choghaidh a chur gu b�s an ath mhadainn an deaghaidh a bhl�ir; sin rud nach urrainn do dhuine air thalamh aicheadh arsa Raonull.

Chuir e seachad an oidhche; oidhche fhuar re�dhta na laighe air an raoin le dha chois briste agus lom ruisgte mar a rugadh e. Thug an n�mhaid dheth a h-uile troight aodaich a bh'air. Thug e greis a falbh air a mh�garan a s�readh �ite fasgach, gus mu dheireadh dh'fhalbh an craiceann far nan gluinean aige.

Air a mhadainn ud chunnaic e Saighdearean Chumberland le'n gunnaichean a tighinn an taobh a bha e agus a cur as dhan fheadhainn a bha fhathast beo. Chuir fear aca an gunna ri mo bhroilleach arsa Raonull ach aig a cheart mhionaid thainig Olfigeach (Lieutenant Hamilton) a bhuineadh do reisimeid Cholmondeley (tha mi'n duil) san eadraigean agus ghuilean esan mi gu taigh beag a bha faisg air laimh. An ceann uine chaidh mo ghuilean ann an cairt gu Inbhirnis.

Chaidh a chur 'sa phriosan an Inbhirnis comhla ri fear Raibeart Nairn. Chaidh aige-san air teicheadh air falbh, ach bha le�n Raonull cho dona 's nach b'urrainn dha leantuinn.

Chan fhaca 's cha chuala mi iomradh air Lieut. Hamilton fhad's a bha mi'n Inbhirnis, a fear a sh�bhail mo bheatha arsa Raonull, agus bheireadh e toileachadh m�r dh�mhsa tachairt ris an duin uasal ud.

Air a Cheathrarnh latha de February 1749 bha mi fh�in agus Raonall MacDh�mhnaill air aoigheachd aig a Bhaintighearna Bruce na Dachaidh an L�te, agus tha mi toilichte a radh gu bheil casan Raonull air a dhol a feabhas arsa an t-Urramach Foirbeas. Choisich e a Arasaig gu Inbhir Aora, suas ri tri fichead mile, aira rathad a Dhun Eideann.

Air a cheud l�tha den Ghiblean 1749 thadhail an t-Urramach Foirbeas air Raonull na �ite fuirich 'sa Chanongate an Dun Eideann. Bha Raonull a gearan gu robh a chas dheas gl� ghoirt agus nach b'urrainn dha m�ran coiseachd a dheanamh.

Anns a ch�mhradh a bh'aca thuirt an t-Urramach gun cual e sgeul bho chionn ghoirid agus gum biodh e toilichte chluinntinn mas firinn no breug i, agus is t'usa aon duine is urrainn sin innseadh dhomh. Chuala mi gun deach a Bhaintighearna Finlater (a nighean aig a Mhorair Hopeton) throigh raoin Chuillodair na Coach air a tarraing le sia eich air a cheart fheasgar a chuireadh am bl�r, agus sin troimh na ceudan a bha marbh no leonta.

Canaidh mi seo arsa Raonull; air a cheart fheasgar ud an deaghaidh dhan Diuc Cumberland an raoin fh�gail 's a chuir e aghaidh air Inbhirnis bha mi na mo laighe air an raoin dearg ruisgte; dh'fh�g an Namhaid lom mi.

Chunnaic mi coach cean gu le�r le sia eich ga tarruing 's a cumail air Inbhirnis. Bha na h-eich a teannadh dluth orm; cha b'urrainn dhomh gluasad; bha eagal orm gun deagh mo stambadh fodh chasan nan each. Chaidh agam air beagan gluasad a dheanamh gun fhios nach toireadh cuideigin an aire dhomh. Thug mi suil air a choach san dol seachad agus bha boirionnaich innte ceart gu le�r ach chan urrainn dhomhsa radh le cinnt an robh a Bhaintighearna 's a chuideachd. Chuala mi 'n deaghaidh laimhe gum be sud an aon choach a chaidh seachad am feasgar ud. Thainig an coach cho faisg orm 's gun tug a fear a bha ga stiureadh sr�c air mo chorp lom le cuip an eich, ach cha do ghoirtich e mi idir.

Chuala Lieut. Hamilton bho fhear Mghr. MacNeill a bha air ceann gnothaich thall an Eireann gu robh  Raonull MacDh�mhnaill beo fhathast an Arasaig ni a thatainn ris. Sco agaibh an litir a sgriobh e gu Raonull.

Newry N.I. 1749

Ronald MacDonald, Belfinlay, by Inverness.

Dear Sir,

The bearer Mr. MacNeill tells me you are alive and well. I assure you that I never did anything in all my life that gives me more pleasure than the thoughts I have of saving your life after the battle. I was ordered on a party which was the reason I didn't see you after I took you off the field. Nothing would give me more pleasure than to see you in Ireland. Pray favour me with a letter.

Your most humble,

James Hamilton.

Cha do choinnich an dithis aca ri cheile gu brath tuilleadh. Cha robh e 'n dan. Chaochail Caiptean Raonull MacDh�mhnaill air 27th latha de September 1749, aig aois Da bbliadhna thar fhichead. (22)

Feedback.  If you have any comments, additions or corrections to this article, please post them in the forum as a new thread here. Please make the title of your post the title of the article and put a link back to the article in your post. You will have to register to join the forum.

[Home] [Edinburgh Society] [News] [Magazine] [Shop] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum] [Back] [Up] [Next]
 

Google

 

web

clandonald.org.uk

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

If you have found our website interesting or useful, please consider supporting the work of the Society in preserving our heritage by making a donation at our Online Shop. Site last updated 04 October 2006. All material Copyright � The Clan Donald Society of Edinburgh (1891) 1959 - 2005 unless otherwise stated. The Society does not accept liability for material published on advertisers' and other external sites. Click here to advertise on www.clandonald.org.uk. Hosted by Heart Internet.