Clan Donald

[Home] [News] [Magazine] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum[Back] [Up] [Next]

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

Clan Donald Magazine No 9 (1981) Online

Domhnull MacLeid Fear-Iuil A' Phrionnsa le Niall Mac Dhmhnaill.

Mu dh uair feasgar Di-ceudain an 16 mh ltha deug de'n Ghiblean 1746 bha Blr Chuil-lodair seachad, agus b'fhudar dn Phrionnsa a chl a chuir ris an raoin, agus aghaidh a chur an Iar.

Bha cmhlan beag na chois, agus an ceann coig laithean rinig iad Borghadal (dluth do Loch nan Uamh) far an do choinnich am Prionnsa ri Dmhnull MacLeid a Galtraigill 's an Eilean Sgiathanach, a' fear a bha gu bhith na Fhear-Iil dh fad na seachd Seachduinean a bha ri tighinn.

Bha toil aig a' Phrionnsa Dmhnull a chur dh'an Eilean Sgiathanach Ie litrichean gu Dmhnullach Shlebhte agus MacLeid Dhunbheagain. B'e se a cheud ghnothaich a bu mhath leis a Phrionnsa Dmhnull a ghbhail as laimh. Tha mi cinnteach nuair a chluinneas iad gu bheil mi sa chearn se gun cuidich iad mi ars' am Prionnsa.

B'e siud aon obair nach gabhadh Dmhnull as laimh a dheanamh air chor sam bith. Tha cheart dithis sin aig an am se gl thrang a coimhead air do shon arsa Dmhnull. 'Nuair a chuala am Prionnsa d bh'aig Dmhnull ri rdh cha robh air ach disealachd a dheanamh airson a dhol dh'an Eilean Fhada an dchas gum faigheadh iad Soitheach a bhireadh am Prionnsa air ais dh'an Fhraing.

Aig ciaradh an fheasgair, Di-sthrurne 26 ltha de'n Ghibhlean chaidh ithear fosgailte Ic ochd raimh a chur air bhog, agus a srn a chur an Iar Ie Dmhnull MacLeid aig an stiir.

Air brd bha am Prionnsa, Iain 'Sullibhean, Felix 'Neill, agus Ailean Dmhnullach, pears' Eaglais. Am measg an fheadhainn a bha san sgioba bha balach aois cig bliadhna deug (mac do Dhmhnull fhin) agus am bard Mac Mhaighstear Alasdair.

Gl thrth an ath mhadainn an didh oidhche ghailbheach a chur seachd a dol tarsuinn a Chuan Sgith rinig iad Roisinnis am Binn nam Faoghla fliuch fuar agus acrach. Bha iad a tiormachadh an cuid aodaich aig bothan beag os cionn a chladaich 'nuair a thug fear de bhuachaillean Chlann Rghaill (a bha gabhail an rathaid aig an am) an aire dhaibh. Chaidh esan gun mhaill gu a mhaighstir ann am Baile na Caillich, a bha mu sheachd mle air falbh, a dhinnseadh dha mu na coigrich a chunnaic e.

Mar nach do dh'iar scalth bha an t-Urramach Iain MacArnhlaidh ministear an t-Soisgeil an Uibhist a Deas, agus Niall MacEachainn am Maighistear Sgoile air aoidheachd aig Clann Raghaill.

Be MacAmhlaidh a nis an cnap-starradh, oir bha athair an t-Urramach Amhlaidh MacAmhlaidh na Mhinistear 's na Hearadh.

Dhinnis am buachaille d'a Mhaighstir mu na coigrich a chunnaic e. Bha amharus aig Clann Rghaill gum faodadh am Prionnsa bhi nam measg, agus chan 'eil teagamh sam bith nach robh an t-Urramach Iain de'n cheart bharail. Chuala iad uile d thachair air raoin Chil-lodair, agus cuideachd gu robh am Prionnsa na fhgarrach. Gun fhios do'n Mhinistear chuir Clan Rghaill aon de sheirbheisich air falbh gus an tuilleadh fiosrachadh fhaotainn, agus rinn am Ministear a cheart ni; chuir esan a sheirbheiseach fhin air falbh. Thill an dithis ud leis an aon sgel; bha am Prionnsa sud ceart gu ler, agus gun robh e air son Clann Rghaill fhaicinn.

Thog Clann Righaill agus Niall MacEachainn orra le chile gu Roisinnis, agus b'e brigh an cmhraidh gum b'fherr do'n Phrionnsa agus an fheadhainn a bha cmhla ris an aghaidh a chur air Sternabhagh gun dil, far am faodadh iad soitheach fhaotainn a bheireadh dhan Fhraing e. Sin mar a thachair, agus bha aca ri rdh gun deach an soitheach aca fhin as an rathad air an Du-Irtich, 's iad a nis a coimhead air son bta ile a bheireadh luchd mne a Arcaidh, agus ma's a b'fhior b'e O'Sullivan an Caiptin. Fhuair an t-Urramach Iain MacAmhlaidh digh is rathad air fios a chur gu a athair 's na Hearadh gu robh am Prionnsa Terlach air a rthad gu Sternabhagh.

Aig tuiteam na h-Oidhche air an 29 ltha dh'an Ghiblean thog iad orra, agus gl thrth 'sa mhaduinn thug Dmhnull MacLeid am Prionnsa 's na bha cmhla ris gu taigh Dhmhnuill Chaimbeul tuathanach an Eilean, far an d'fhuair iad gabhail aca gl mhath bho Dhmnhnull 's a chile.

Maduinn an ath-lath a cheud ltha dh'an Chitein thog MacLeid air gu Sternabhagh fiach a' faigheadh e bta. Dh'fhg e am Prionnsa 'sa chuideachd air cram a Chaimbeulaich.

Chuala an t-Urramach Amhlaidh mu'n ithear a thainig do Scalpaidh, agus gun mran dill thog esan air dh'an Eilean ud. Thug e leis daoine tapaidh chum am Prionnsa ghlacadh, ach cha deachaidh letha; sheas an Caimbeulach nan aghaidh.

Air an treas ltha dh'an Chitean fhuaraidh fios bho MhacLeid gun robh gealladh aig air bta, agus an ath ltha dh'fhg am Prionnsa 'S na bha cmhla ris Scalpaidh.

Nuair a chuala uaislean Baile Sternabhaigh gu robh am Prionnsa faisg air laimh; bta cha toireadh iad dh, agus chaidh iarraidh air MacLeid am Prionnsa thoirt air falbh. Sin mar a thachair agus bha am Prionnsa 's na bha cmhla ris ais ann am Binn nam Faoghla air II ltha dh'an Chitean. Air iarrtus Clann Rghaill thug Niall MacEachainn am Prionnsa gu ite uaigneach an Uibhist a Deas far an do chiur e seachad d ltha thar fhichead ann an taigh beag dubh. Bha nis an t'ite a cur thairis leis na Saighdearan Dearga, agus air son tearuinnteachd a Prionnsa b'fhedar dhaibh uile dealachadh ris; gach fear air a shon fhin.

Bha Dmhnull MacLeid ga flialach fhin a suid 's a se air feadh na ite, ach mu dheireadh thall chaidh a chur an grim le Eileanach eile: Ailean Dmhnullach (Ailean a Chnuic) a Slibhte. Bha Ailean 'na Oifigeach air ceann buidheann shaighdearan a bha cmhead air son a Phrionnsa, duine cho suarach 's a chuir cas riamh am broig thuirt Dmhnull. Thachair se air a Choigeabh ltha dh'an luchair.

A Beinn nam Faoghla chaidh Dmhnull a thoirt do Bharraidh 'n a phriosanach 's as a sin gu Portigh, agus an didh sin cho na Comraich far an deach a chur air brd na Long Chogaidh Furnace. bha an Seanalair Caimbeul air brd, is esan a bha air ceann an Airm air taobh an Iar Alba.

Cheasnaich an Seanalair Caimbeul Dmhnull air brd na Long Chogaidh se; dh'aidich Dmhnull gu robh e cmhla ris a Phrionnsa ceart gu leir ach cha b'urrainn dha rdh le cinnt cit an robh e aig a cheart mhionaid se. Cha robh dad aig Dmhnull ri rdh an aghaidh an t-Seanalair, bha cuisean gu math fhad's a bha esan brd, ach aon uair 's gun do dh'fhalbh e thainig atharrachadh air gnothaichean. Bha Sgiobair na Furnace (Iain MacFhearghais as Old Meldrum na dhuine aig nach robh faireachadh do neach air thalmh.

Bha moran againn air brd, arsa Dmhnull agus sinn air ar cumail ann an toll dubh dorcha gun leus soluis ri fhaicinn. Bha sinn a faighinn a mach as an toll ud air son aon uair a thide gach maduinn, agus sin, measg chaorach a bh'air brd. Bha an Gunna caol ri ar srin fad na h-uine. Bha dithis eile as an Eilean Sgiathanach cmhla ri Dmhnull air bord; MacFhionghuin an t-Sratha, agus Calum MacLeid. Bha am beagan bidh a bha sinn a faotainn air a thoirt thugainn ann an cuinneagan salach agus sgioba a bhta air son sprs dhaibh fhin a deanamh an cuid uisge annta ma choinneimh ar silean, agus sinne aig a cheart am a bsachadh leis an acras. B' e siud ar cradh arsa Dmhnull fhad's a bha sinn a seladh timcheall nan cladaichean bhon Cheud Ltha de Lnasdal 1746 gus an Naoidheamh ltha dh'an Ghiblean 1747.

'S ann mu'n am se a rinig a' Furnace bun amhuinn Lunnainn, agus an sin chaidh an cur air brd soitheach eile (James and Mary) ach bha i se na bu mhiosa na an t-ile. Gu fortanach cha robh iad gl fhada anns a' bhta se'nuair chaidh an cur gu tir. Air tir bha Dmhnull air cram fear do'm b'ainm Maighstir Dick. Co dhi cha b'fhada gus an d'fhuair Dmhnull cead a choise, ach b'fhudar dha fuireach greas an Lunnainn. Bha aobhar na dh air a sin. Bha Dmhnull a nis a srep ri aois a gheallaidh, agus leis na dh'fhuiling e fad nan deich miosan a chaidh seachad bha e gl lag air son na slighe bh'air thoiseach air, agus cuideachd ri moran a bha air son caoibhneis agus spis a nochdadh dha a chionn 's gun robh e dileas dh'an Phrionnsa Terlach.

Thug fear Iain Walkinshaw (Albannach a bha nis a cmhnuidh an Lunnainn) bocsa snaoisein airgid do Dhmhnull. Air uachdar a bhocsa bha cruth duine air brd ithear 's e na shuidhe aig an stiir.

Mu dhireadh chuir Domhnull a chul ris a bhaile mhr, agus chi sinn e an Lite air an 17 ltha de Lunasdal agus e a measg mran chairdean. Nam measg bha an t-Easbuig Forbes.

Thug Dmhnull cunntais mhionaideach dh'an Easbuig air gach aite anns an robh e agus air a thachartasan fad na h-uine bha e cmhla ris a Phrionnsa. Tha huile facal a thuirt Dmhnull sgriobhte anns na leabhraichean ainmeil sin "The Lyon in Mourning".

Air an trieabh ltha fichead de'n Dmhair dh'hhg Dmhnull Lte, 's chuir e aghaidh air Eilean a Cheo, ach mu'n d'fhag e chuir an t-Easbuig deich Puinnd Shasannach na dhrn.

Cha b'fhada gus an robh Dmhnull air ais aig a dhachaidh cmhla ri bhean 's ri theaghlach, ach mu'n do ruith a bhliadhna bhris air a shlinte agus chaochail e 's an t-Sultuinn 1749, aig aois tri fichead bliadhna 's a dh dheug.

Tha mise creidsinn gur iomadh fear is t sean is g 's an Eilean Sgiathanach a dh'isd a rithist is a rithist ri sgul Dhmhnuill MhicLeid mu Bhliadhna Phrionnsa, agus air a h-ath aithris le bodaich eile; mar a thuirt am Brd Niall MacLeid; "bhiodh gach Seanair aosmhor liath 'g innseadh sgeulachdan gun gh."

Feedback.  If you have any comments, additions or corrections to this article, please post them in the forum as a new thread here. Please make the title of your post the title of the article and put a link back to the article in your post. You will have to register to join the forum.

[Home] [News] [Magazine] [Bookshop] [Genealogy] [Mail] [Wiki] [Links] [Forum] [Back] [Up] [Next]
 

Google

 

web

clandonald.org.uk

[Chiefs] [Australia] [Canada] [New Zealand] [USA]

We not accept liability for material published on advertisers' and other external sites. Click here to advertise on www.clandonald.org.uk. Hosted by Heart Internet.